menu.png
Lost Password ?

Bible Search

 (Index)


Found entries

•••► •••►
Book Chapter Verse Text
Mark 4 28 Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an deis.
Mark 4 29 'S nuair a tha 'n toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dail, bho na tha am foghar air tighinn.
Mark 4 30 Is thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i?
Mark 4 31 Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, nuair a chuirear san talamh i, is lugha i den h-uile siol a tha air thalamh:
Mark 4 32 'S an deigh a cur, fasaidh i suas, is cinnidh i nas mua na h-uile luibh, is cuiridh i mach geugan mora, agus faodaidh eoin an athair tamh fo 'sgaile.
Mark 4 33 Agus le iomadh dubhfhacal den leithidean so, labhair e riutha am facal, air reir 's mar b' urrainn dhaibh eisdeachd:
Mark 4 34 Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riutha: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil.
Mark 4 35 Is thuirt e riutha an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile.
Mark 4 36 'Sa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh don eathar mar a bha e; is bha eathraichean eile comhla ris.
Mark 4 37 Agus dh' eirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh don eathar, air chor 's gun robh an t-eathar a lionadh.
Mark 4 38 Agus bha esan an deireadh an eathair 'na chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil umhail agad gu bheil sinn a dol a dhith?
Mark 4 39 'S ag eirigh chronaich e a ghaoth, 's thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Is laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor.
Mark 4 40 Is thuirt e riutha: Carson a tha eagal oirbh? Nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; is thuirt iad ri cheile:
Mark 4 41 Co, a shaoileas tu, is e, chionn tha ghaoth agus a mhuir umhail dha?
Mark 5 1 Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.

Page:   5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15