menu.png
Lost Password ?

Bible Search

 (Index)


Found entries

•••► •••►
Book Chapter Verse Text
Mark 5 2 'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
Mark 5 3 Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean:
Mark 5 4 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh.
Mark 5 5 Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan.
Mark 5 6 'Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, 's thug e aoradh dha;
Mark 5 7 'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
Mark 5 8 Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
Mark 5 9 Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn.
Mark 5 10 Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
Mark 5 11 Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh.
Mark 5 12 Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
Mark 5 13 Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad.
Mark 5 14 Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair
Mark 5 15 Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal.
Mark 5 16 Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.

Page:   6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16