menu.png

Bible Search

 (Index)


Found entries

•••► •••►
Book Chapter Verse Text
Mark 1 16 'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.),
Mark 1 17 Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
Mark 1 18 Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e.
Mark 1 19 'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata:
Mark 1 20 Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.
Mark 1 21 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.
Mark 1 22 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich.
Mark 1 23 Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e
Mark 1 24 Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
Mark 1 25 Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.
Mark 1 26 'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.
Mark 1 27 Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.
Mark 1 28 'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.
Mark 1 29 'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.
Mark 1 30 Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn.

Page:   1 2 3 4 5 6 7