Found entries


Book | Chapter | Verse | Text |
Mark | 3 | 18 | Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, |
Mark | 3 | 19 | Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e. |
Mark | 3 | 20 | Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor 's nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. |
Mark | 3 | 21 | S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. |
Mark | 3 | 22 | Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, 's gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. |
Mark | 3 | 23 | 'S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? |
Mark | 3 | 24 | Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. |
Mark | 3 | 25 | Agus ma bhios tigh air a roinn 'na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. |
Mark | 3 | 26 | 'S ma tha Satan air eirigh 'na aghaidh fhein, tha e roinnte, 's chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. |
Mark | 3 | 27 | Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. |
Mark | 3 | 28 | Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: |
Mark | 3 | 29 | Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. |
Mark | 3 | 30 | Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige. |
Mark | 3 | 31 | Is thainig a mhathair 'sa bhraithrean; 's nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. |
Mark | 3 | 32 | Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair 's do bhraithrean a muigh gad iarraidh. |