Found entries


Book | Chapter | Verse | Text |
Mark | 3 | 33 | Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? |
Mark | 3 | 34 | 'S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha 'nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. |
Mark | 3 | 35 | Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. |
Mark | 4 | 1 | Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir; |
Mark | 4 | 2 | Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg: |
Mark | 4 | 3 | Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur. |
Mark | 4 | 4 | 'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e. |
Mark | 4 | 5 | Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige: |
Mark | 4 | 6 | 'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as. |
Mark | 4 | 7 | Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh. |
Mark | 4 | 8 | Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte. |
Mark | 4 | 9 | Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. |
Mark | 4 | 10 | Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth. |
Mark | 4 | 11 | Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail, |
Mark | 4 | 12 | Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan. |