menu.png
Lost Password ?

Bible Search

 (Index)


Found entries

•••► •••►
Book Chapter Verse Text
Mark 4 13 Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal?
Mark 4 14 Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.
Mark 4 15 Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan.
Mark 4 16 Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:
Mark 4 17 'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh.
Mark 4 18 Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal
Mark 4 19 Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.
Mark 4 20 Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.
Mark 4 21 Is thuirt e riutha: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir?
Mark 4 22 Oir chan eil ni am falach, nach toirear am follais; 's cha d' rinneadh ni an uaigneas, ach los gun nochdar e.
Mark 4 23 Ma tha cluasan aig duine sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
Mark 4 24 Is thuirt e riutha: Thugaibh an aire dhan rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuilleadh ris dhuibh.
Mark 4 25 Oir dhan neach aig a bheil, bheirear: agus bhon neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a th' aige bhuaithe.
Mark 4 26 Is thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh,
Mark 4 27 'S gun caidleadh e, 's gun eireadh e a dh' oidhche 'sa latha, 'S gum fasadh an siol, 's gun cinneadh e gun fhios dha.

Page:   4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14